top of page
P1
Tha mi fhathast ro òg
Le Mairead Hulse
“Tha thu fhathast car beag òg”
nach mis’ tha sgìth dhan duanag,
“Fuirich gus am fàs thu mòr,
is gheibh thu mach an uairsin.”
Ge bith gu dè a dh’iarras mi,
Tha ‘n còmhnaidh leisgeul ann.
“Tha thu ro bheag,” no “Tha thu ro òg”
air no “Tha an t-airgead gann.”
Tha mise ‘g iarraidh bhith mar chàch,
‘S cha toir iad dhomh an cothrom.
“Chan fhaigh, chan fhaod, cha tèid do chas
a-nochd a-mach air doras.”
Is ma bhios duine a’ cèilidh oirnn
‘s ag innse sgeulachd èibhinn,
Gun tèid mo sgiùrsadh às an rùm
Gun fhios nach bi mi ‘g èisteachd.
Tha an seanfhacal ag innse dhuinn
Gur sona latha ar n-òige;
Chan eil sin fìor mum latha fhìn
Oir chan eil ann ach dòrainn.
Tha Mi Fhathast Ro Òg - M Hulse
00:00 / 00:00
P2
Feumaidh mise èirigh tràth
Le Mairead Hulse
Feumaidh mise èirigh tràth
A-màireach anns a’ mhadainn,
Oir tha mi dol a dh’iasgach
Còmhla ri mo Dhadaidh
Cuiridh mi orm bòtannan
Is bonaid ‘s geansaidh blàth,
Is gabhaidh mi mo bhracaist
Air a’ bhàta còmh’ ri càch.
Is nuair a tharraingeas sinn an lìon
Bidh iasg den h-uile seòrs’ ann –
Adag, leòbag, cuidhteag, trosg;
Bidh lang’ ann, sgait is cnòdan.
Tilidh sinn gu cala
Ann an tìd’ airson a’ mhargaid,
Is bidh mo Mhamaidh toilicht’
Nuair a thig mi dhachaigh sàbhailt’.
Feumaidh Mise Èirgh Tràth - M Hulse
00:00 / 00:00
P3
Ruigidh Each Mall Muileann
Le Maoilios Caimbeul
Ars’ an sligeanach ris a’ gheàrr,
“Cuiridh mi geall gur e mise as luaithe.”
“Thusa, thusa?” rinn e gàir’
‘s e a’ leum gu mullach na bruaiche.
“A-màireach coinnicheamaid, ma-thà,
Is cuiridh sinn rèis anns a’ mhonadh.”
Fhreagair an geàrr ‘s e mèaranaich,
“Ma tha thu air cho beag tonaisg.”
Làrna-mhàireach thòisich an rèis,
Ach thuit an geàrr na chadal.
Dh’fhalbh an sligeanach gu slaodadh rèidh,
‘s nuair dhùisg an geàrr bha e dhachaigh.
Ruigidh Each Mall Muileann - M Campbell
00:00 / 00:00
P4
Dol Fodha na Grèine
Le Niall MacLeòid
Tha thus’, a ghrian as àillidh snuadh
A’ cromadh sìos air chùl nan stuagh;
Do ghathan blàth air bhàrr nam beann
Mar òr a’ deàrrsadh air an ceann.
‘S an dèidh do chuairt bhon ear gun iar
Am measg gach doininn, gaoith is sian,
Tha thu gun smalan air do ghnùis
Dol gu do thàmh gu sàmhach, ciùin.
Gun robh gach sòlas dhut, a ghrian:
Tha feum ort far a bheil thu triall:
Bidh sinne dorch’ an seo gun ghean
Gun dùisg thu ‘m-màireach anns an ear.
Dol Fodha Na Grèine - N MacLeod
00:00 / 00:00
P5
An Oidhche Ron Nollaig
Le Mairead Hulse
An oidhche ron Nollaig
Tha sàmhchair mun cuairt,
Chan eil solas no soills’ ann
Chan eil creutair a’ gluas’d;
An taigh anns an dorchadas,
Clann bheaga nan cadal,
Na stocainnean crochte
Nan sreath mun a’ chagailt’.
Ach stad ort, chaidh cuideigin
Seachad mun uinneig;
Tha ‘n doras a’ fosgladh –
Cò nis tha tighinn
Le ceumannan aotram
A-steach dhan an t-seòmar?
Bodach na Nollaig
Le feusag is cleòc air.
Null chun nan stocainnean –
Siud e gan lìonadh,
Le dolaichean ‘s càraichean
Mar a chaidh iarraidh;
Is nuair a bhios na stocainnean
Làn suas gum bàrr,
Thèid e mach air a shocair
Gun facal a ràdh.
An oidhche ron Nollaig
Tha sìth ann is sàmhchair,
An oidhche ron Nollaig –
Bidh latha mòr ann a-màireach.
An Oidhche Ron Nollaig - M Hulse
00:00 / 00:00
P6
Grabhataidh
Le Aonghas Pàdraig Caimbeul
Nuair a bha mi nam bhalach beag
Ann an Sgoil Ghearraidh na Mònadh
Leugh mi gun deach balach Sasannach
a-mach aon latha
‘s gun do laigh e fo chraoibh
Far an do thuit ubhal air a bhathais, agus mar sin
Lorg e grabhataidh.
“À hà”, thuirt mi rium fhìn,
“Sin carson nach e Uibhisteach a fhuair e –
Mura b’e gun do loisg na Lochlannaich
Gach craobh bha ann an Uibhist,
Bhiomaid ainmeil.”
Choisich mi dhachaigh as dèidh na sgoile
An t-uisge dìleach a’ dòrtadh às na speuran
Mar seann fhìrinn.
Grabhataidh - AP Caimbeul
00:00 / 00:00
P7
Cur-seachad
Le Tormod Caimbeul
Dè an cur-seachad
a th’ agad fhèin?
Am falbh thu fallain am measg bheanntan,
Làithean fuar’ a’ dol tro ghleanntan
Le toileachas nad cheum?
An tog thu seòl ri crann –
Am bàta bòidheach a’ sgoltadh thonn
‘s a’ falbh ron ghaoith na deann?
No an tèid thu a dh’iasgach leam
Gu creag
Gu carraig –
Anmoch gu loch
Agus moch gu abhainn?
‘S aithne dhòmhsa slaopaire
Tha daonnan am broinn an taighe.
“Clioraig!” canaidh e
“às mo shealladh:
thu fhèin ‘s do chuid bheanntan
creagan
abhainn.”
Chan e leisg a th’ann no pian –
A shùilean claon
‘s e ri dol aog
Air a ghlacadh anns an eadar-lìon.
Cur-Seachad - T Caimbeul
00:00 / 00:00
bottom of page